Chan e an dualchainnt againn fhèin a th' aig an tidsear san sgoil as fhaisge - no anns na leabhraichean. Nach cuir seo a' chlann troimh-chèile?

Tha sin gu deagh ìre a-rèir mar a làimhsichear an suidheachadh. Ma chumas tu Gàidhlig riutha aig an taigh cho mòr agus a ghabhas, 's e leudachadh air an cuid Gàidhlig a gheibh iad san sgoil. Aig deireadh an latha, tha sinn uile cleachdte ri bhith ag èisteachd ri diofar dhualchainntean air an reidio agus chan eil e a' dèanamh milleadh oirnn. Faodaidh tu mìneachadh dhaibh gu bheil faclan diofraichte agaibh far a bheil sibh a' fuireach - làmhagh seach tuagh, gruag seach falt etc.

Discuss this!
...but first you need to Log in or register to the G4P Community

Additional information

Contact Us
close
Please enter a valid name.
Please enter a valid e-mail, eg: john@smith.com .
Please fill out the subject.
Please enter your message.