Le bhith ga bruidhinn riutha! Tha clann air feadh an t-saoghail a bhruidhneas dà chànan aig an taigh, agus tòrr a bharrachd a bhruidhneas na dhà dhiubh sin agus cànan eile sa choimhearsnachd. Tha e nas fhasa do chloinn dèiligeadh ri diofar chànanan, ge-tà, ma tha iad a' tuigsinn cuine agus cò leis a chleachdas iad gach cànan agus mar sin cho fada agus a ghabhas cha bu chòir don phàrant le Gàidhlig Beurla a chleachdadh nuair a tha e/i a' bruidhinn riutha. Tuigidh iad gu math luath mar sin gur e, mar eisimpleir, Gàidhlig a bhruidhneas iad ri Mam, Beurla a bhruidhneas iad ri Dad agus Beurla a bhruidhneas Mam agus Dad ri chèile. Tha e cudromach cuideachd gun toisich sibh air Gàidhlig a bhruidhinn riutha anns a' bhad, bhon latha a thig iad don t-saoghal - agus ron an sin! Tha an ceangal eadar pàrant agus pàiste cho daingeann agus nach bi e furasta an cànan anns a bheil thu a' bruidhinn riutha atharrachadh as a dhèidh seo.  Ma tha Gàidhlig agaibh, cleachd i!

Go back to 'FAQ'

gaelic4parents on Twitter