Skip to content

Tha Gàidhlig aig a’ chloinn agam ach tha sinn a’ fuireach ann an àite far nach eil Gàidhlig aig na teaghlaichean eile a tha am beachd an cuid chloinne a chur don ionad Gàidhlig. Nach bi droch bhuaidh aig an seo air a’ chloinn agam – an dà chuid a thaobh a

‘S e ceist gu math cumanta a tha seo, agus tha e a cheart cho coltach an-diugh gur ann air a’ ‘Ghàidhealtachd’ a thachradh seo ‘s a tha e gun tachradh e an ceann a deas na dùthcha.

A thaobh milleadh a bhith ga dhèanamh air Gàidhlig na cloinne a tha fileanta, tha tòrr eisimpleirean ann de chloinn a th’ air a dhol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a tha gu math fileanta agus a’ bruidhinn an dualchainnt am pàrantan. ‘S e an oidhirp a rinn am pàrantan Gàidhlig a chumail riutha aig an taigh a dh’fhàg cho fileanta iad. Tha cuid de phàrantan a’ call misneachd air diofar aobharan agus a’ sgur a bhruidhinn Gàidhlig ris a’ chloinn aca aig an taigh, agus tha cuid eile ga fhàgail aig an sgoil Gàidhlig a ‘theagasg’ rin cuid chloinne. Chan fhaod thu seo a dhèanamh; feumaidh tu Gàidhlig a chumail riutha aig an taigh.

Tha e fìor gum bi a’ chlann eile ag ionnsachadh Gàidhlig nuair a thig iad don sgoil an toiseach agus tha e deatamach gum mìnich thu don tidsear gu bheil a’ chlann agad fileanta agus gum bi na feumalachdan aca eadar-dhealaichte bho fheumalachdan chàich.

…go back to FAQ